Innse Gall
"An ataireachd bhuan, cluinn fuaim na h-ataireach ard..."
A’ seasamh gu h-uaibhreach aig iar-dheas na Roinn Eòrpa, tha na h-eileanan seo a’ sìneadh 150 mìle, làn de thràighean, cultar, fiadh-bheathaichean is tachartasan. Tha e na dheagh àite airson spòrs agus airson fois a ghabhail.
Cha lorg thu leithid a dhiofar dealbh-tìr, gnè, ealan, ceàird is ceòl an àite sam bith eile: tha pailteas àrainnean bhòidheach anns na h-eileanan… sìtheil, neo-thruaillidh, nàdarra. Gheibh iasgairean fìor thoileachas o na lochan-mara is lochan fìor-uisge bòidheach, pailt. Chithear iomadh seòrsa eun mu na lochan cuideachd. Tha ceòl is ceàirdean thraidiseanta fhathast beò ann an cultar bheothail, ùr, a tha sìobhalta a rèir fìor chiall an fhacail. Tha tachartasan inntinneach spòrs is cultarail a’ tarraing dhaoine o gach ceàrnaidh den t-saoghal gus eòlas fhaighinn ann an cridhe na Gàidhealtachd. Gheibh thu nas fhaisge air nàdar: turas air bàta gus mucan-mara, bèistean-ghorma, ròin no buthaidean fhaicinn; cuairt stiùirichte am measg bèistean dhubha, clamhain no fèidh. Mas toil leat spòrs ‘extreme’, nad eòlaiche no nad neach-ionnsachaidh, nach fheuch thu marcaich thuinn, sreap, dàibheadh no cuairt ann am bàta mhotair. Tillidh tu dhachaigh le cur-seachad ùr!
Tha Gàidheil na h-Innse Ghall a’ cuir fàilte chridheil air luchd-tadhail gus am fairich iad seòrsa de bhuineadh is saorsa – fear de chomharraidhean na sgìre. Bidh eòlas agad air an t-suaimhneas a thig o èadhar fhionnair nan Innse Ghall.
Tha an Innis Gall na h-innis-fàsaich chiùin ann an saoghal ro-thrang.
Tha Gaelic Hebrides air a chur air chois le amas foillseachadh na tha ri dheanamh anns na h-Eileanan Siar. Tha seo mar phàirt de ghrunnan làraich fiosrachaidh mu Innse Gall: VisitHebrides.com; CultureHebrides.com; FishHebrides.com; GolfHebrides.com; CycleHebrides.com; Walkhebrides.com; WildlifeHebrides.com; OutdoorHebrides.com; RootsHebrides.com; FilmHebrides.com; GaelicHebrides.com.
|