Outdoor Hebrides - experience the difference visithebrides.comvisit hebridesroots hebrideswalk hebrideswildlife hebridesoutdoor hebridesgolf hebridescycle hebridesculture hebridesfish hebridesfilm hebrides
Dachaidh (Home)
An Cànan (Language)
Cèol (Music)
Caithe Beatha (Way of Life)
Clamhnas (Clans)
Na h-Eileanan (The Islands)
An Arainneachd (Environment)
Cuirean Seachad (Activities)
join our mailing list
Visit Hebrides
Visit Hebrides      
Surf in the Hebrides © Hebridean Surf Trust

Cuirean Seachad - Air an titig

‘S dòcha gum bith Eileanan Siar na h-Alba mar Sealladh Nuadh na àite-tadhail airson spòrs a-muigh agus dàn’-thuras. Tha na h-eileanan dìomhair seo, ann an àrainneachd cho glan, bòidheach is iomallach sa gheibhear san t-saoghal, nan raon-cluiche airson spòrs a-muigh. Tha barrachd air 100 eilean san innis-mhuir seo, air iar-thuath na h-Alba, is tha mu 72 thràigh gheal ri lorg ann.

Tha na h-Eileanan Siar na fhear de na creagan fhosgailte as sine san t-saoghal, creag chruaidh Leòdhasach. Tha an dealbh-tìr làn de chnuic creagach agus mòinteach le coilleagan mhachair is faichean air a’ chosta, le tràighean gheala is uisge tuirc-ghorm. Leis an ròd as seasmhach san Roinn Eòrpa, na creagan-mhara as àirde ann am Breatainn agus feadhainn de na bàghan is eileanan as bòidheach san t-saoghal, ‘s e fìor phàrras dìomhair is neo-aithnichte a th’ ann.

Kayaking in the Hebrides © Mike SullivanA dh’aindeoin ‘s gu bheil co-fharpaisean eadar-nàiseanta airson spòrs a-muigh anns na h-eileanan, tha iad fhathast gu math dìomhair agus cha bhith cus dhaoine romhad an àite sam bith. Tha e dearbhte gun lorg thu tràigh, cnoc, suail, loch no creag dhut fhèin là sam bith den bhliadhna. Tha na h-eileanan seo aig cridhe cultar na Gàidhlig agus gheibh thu fìor fàilte Innse-Gallach ge b’ e càite thèid thu. ‘S dòcha gun ionnsaich thu beagan Gàidhlig a bharrachd! Tha an fhiadh-bheatha iongantach agus bith luchd-cleachdaidh an uisge còmhla ri bèistean-ghorma, mucan-mara is ròin air na suailean, agus air na cnuic is a’ chosta bidh iolairean-bhuidhe, buthaidean is gearra-breacan ag itealaich os do chionn

An Iar de'n chorr - Air Iomall an t-Saoghail...

tuilleadh...