Roots Hebrides - experience the difference visithebrides.comvisit hebridesroots hebrideswalk hebrideswildlife hebridesoutdoor hebridesgolf hebridescycle hebridesculture hebridesfish hebridesfilm hebrides
Dachaidh (Home)
An Cànan (Language)
Cèol (Music)
Caithe Beatha (Way of Life)
Clamhnas (Clans)
Na h-Eileanan (The Islands)
An Arainneachd (Environment)
Cuirean Seachad (Activities)
join our mailing list
Visit Hebrides
Visit Hebrides      
Macneil Coat of Arms
Macaulay Coat of Arms
Mackenzie Coat of Arms

Cinnidhean Innse Gall

Ann an saoghal an là an-diugh, tha siostam nan cinnidhean air fhaicinn mar dheagh phàirt de dhualchas na h-Alba: tha comainn nan cinnidhean a’ toirt Albannaich air feadh an t-saoghail còmhla, a’ toirt faireachdainn de dhualchas is buineadh dhaibh. Ged nach eil tìde no ùidh aig a h-uile duine rannsachadh a dhèanamh mun teaghlach aca, gu math tric tha sloinneadh ag innse gun robh na sinnsearan ceangailte ri cinneadh Albannach. Tha deagh sheansa gun tàinig MacNèill sam bith o chlann ‘ic Nèill Bharraigh, agus gum biodh fuil Leòdhasach ann am MacLeòid. Chan eil e buileach cho furasta, ge-tà – tha cuid de chlann ‘ic Nèill ann an Leòdhas agus muinntir MhicLeòid anns Na Hearadh cuideachd. ‘S e deagh àite tòiseachaidh a th’ ann an ainm chinnidh, ach the fada nas inntinneach ionnsachadh mu eachdraidh do theaghlach.

Cha b’ e eachdraidh shìtheil a bh’ aig na cinnidhean, ge-tà. An seo, tha Bill Lawson ag innse sgeulachd mu èirigh is bàs nan cinnidhean anns na h-Eileanan Siar.

Ged is fhad o bha cumhachd is buaidh aig na cinnidhean air structar shòisealta na h-Eileanan Siar, tha ùidh romansach, agus ‘s dòcha fuileachdach, aig daoine fhathast anns na sgeuachdan mu na seann chinn-chinnidhean agus na cogaidhean aca.

Nuair a thàinig Tighearnas nan Eilean gu crìoch anns a’ 15mh linn, bha iomadh cogadh eadar na cinnidhean, gu math tric air a dhèanamh nas miosa le ùghdarrasan air tìr-mòr a bha airson leisgeul a dhèanamh den seo gus smachd fhaighinn air na h-eileanan.

Macneil Coat of Arms
Maclean Coat of Arms
Macdonald Coat of Arms
tuilleadh...
Cinnidhean Innse GallCinnidhean Innse GallCinnidhean Innse Gall
Na Priomh ChinnidheanNa Priomh ChinnidheanNa Priomh Chinnidhean

 

Dachaidh | An Cànan | Cèol | Caithe Beatha | Clamhnas | Na h-Eileanan | An Arainneachd | Cuirean Seachad

© 2005 Visit Hebrides. Please read our Terms & Conditions. Site by ReefNet

Visit Scotland part financed by the European UnionWestern Isles Council