Roots Hebrides - experience the difference visithebrides.comvisit hebridesroots hebrideswalk hebrideswildlife hebridesoutdoor hebridesgolf hebridescycle hebridesculture hebridesfish hebridesfilm hebrides
Dachaidh (Home)
An Cànan (Language)
Cèol (Music)
Caithe Beatha (Way of Life)
Clamhnas (Clans)
Na h-Eileanan (The Islands)
An Arainneachd (Environment)
Cuirean Seachad (Activities)
join our mailing list
Visit Hebrides
Visit Hebrides      

Na Priomh Cinnidhean

Seilebost, Harris - © James Smith Photography - www.oiseval.co.ukOn Lewis, the main clans had been the MacAulays of Uig, the Morrisons of Ness and the MacLeods on the rest of the island. The Morrisons had been placed in Ness by the Lords of the Isles, for whom they acted as brieves, or judges, and when the Lordship’s authority waned, the Morrisons had difficulty in maintaining themselves against the other clans. There were Morrisons in Harris also, in such numbers as to suggest that this may have been the original home of the clan.

Ann an Leòdhas, b’ e na prìomh chinnidhean Clann ‘ic Amhlaigh Ùig, Clann Mhoireasdain Nis agus Clann ‘ic Leòid anns a’ chòrr den eilean. Bha Tighearnan nan Eilean air na Moireasdain a chuir a Nis mar bhritheamhan, is nuair nach robh mòran cumhachd aig an Tighearnas bha duilghideas aca iad fhèin a dhìon o na cinnidhean eile. Bha Moireasdain anns Na Hearadh cuideachd, agus uiread dhiubh ann ‘s gur dòcha gur ann an seo a bha iad o thùs.

Bha Ruairidh, ceannard Chlann ‘ic Leòid Leòdhais, agus a mhic (dligheach is dìolain) a’ strì nam measg fhèin aig an àm seo, agus ro 1600 bha Clann ‘ic Choinnich (na Sìophortaich a-rithist) air leisgeul a dhèanamh den seo gus an t-eilean gu lèir a ghabhail dhaibh fèin. Bha Uilleam, Iarla Shìophoirt aig Aramach nan Seumasach ann an 1715, a’ fuireach ann an Leòdhas, ach cha robh na ceannardan an dèidh seo stèidhichte ann idir. Gu dearbh, cha robh mòran ùidh aca anns na h-eileanan ach mar dhòigh air airgead a chosnadh is saighdearan fhaighinn airson na rèisimidean aca.

Bha Na Hearadh le buidheann eile de Chlann ‘ic Leòid, ach anns na 1700an bha iad air an cathair aca a ghluasad gu Dùn Bheagain anns an Eilean Sgitheanach. Bha teaghlaichean Na Hearadh fhathast neo-eisimeil on fheadhainn san Eilean Sgitheanach – nuair a chuir Dùn Bheagain fios gu MacLeòid Bheàrnaraigh dhol còmhla ris a shabaid air taobh an Riaghaltais ann an Aramach 1745, chuir e na saighdearan a chaidh iarraidh air thuige ach chaidh e fhèin a shabaid air taobh a’ Phrionnsa! Ann an 1779 reic MacLeòid Dhùn Bheagain Na Hearadh ris a’ Chaiptean Alasdair MacLeòid à Beàrnaraigh, a rinn oidhirp iasgach a stèidheachadh mar ghnìomhachas malairteach ann, ach cha robh mòran ùidh aig a shliochd anns an eilean agus bha iad an sàs ann an cuid den fhuadachadh de mhàladairean as miosa anns na h-eileanan.

Bha eileanan Uibhist le diofar theaghlaichean Dòmhnallach – Uibhist a Tuath le teaghlach Shlèite san Eilean Sgitheanach agus Uibhist a Deas le Clann Raghnaill. Bha Clann Raghnaill a’ fuireach san sgìre, is ‘s dòcha gur ann air sgàth seo a tha muinntir Uibhist a Deas fhathast a’ faireachdainn na bu dlùth ri oighreachd a’ chinnidh na tha a’ mhòr-chuid de Eileanaich. Chaidh an dà oighreachd a reic mu dheireadh is rinn an luchd-seilbh ùra fuadachadh oirre.

Bha Barraigh le Clann ‘ic Nèill o riamh – bhiodh iad ag ràdh nach robh iomradh oirre ann an sgeulachd dhìle Noah seach gun robh bàta aig MacNèill fhèin! Nuair a dh’fhàillig a’ cheilp, ge-ta, chaidh an t-eilean a reic, is bha iomadh eilthireach ann mar thoradh. ‘S dòcha gur e Iain MacNèill, ceann-feadhna an là an-diugh a tha a’ fuireach ann am Bàgh a’ Chaisteil, Barraigh, an ceann-feadhna as ainmeil agus is measail aig daoine anns na h-eileanan aig an àm seo.

Kisimuil Castle, Barra - © James Smith Photography - www.oiseval.co.ukBarra was always the land of the MacNeills - and they used to claim that the only reason that they were not mentioned in the story of Noah’s flood was that MacNeil had a boat of his own! When the kelp trade failed, however, this did not prevent the sale of the island, and massive emigration. The current clan chief, Iain MacNeil of MacNeil, is probably the most famous and well-liked modern day clan chief in the islands, and is now resident in Castlebay, Barra.

Crìonadh na Cinnidhean

Bha a’ mhòr-chuid de na ceannardan air an teachd-a-steach mòr on cheilp a chleachdadh gus daoine-uasal a dhèanamh dhiubh fèin ann an Dùn Èideann agus Lunnainn, agus nuair a dh’fhàillig a’ cheilp chaidh an dèanamh briste gu math cabhagach. Thòisich cuid dhiubh daoine fhuadachadh gus tuilleadh màl fhaighinn o thuathanaich chaoraich, agus reic cuid eile na h-oighreachdan aca agus rinn daoine eile am fuadachadh – cha robh e gu diofar do na daoine cò a rinn e riutha, oir bha na ceannardan aca air an trèigsinn. Cha robh spèis aca airson na ceannardan tuilleadh. Chan eil fios aig mòran dhaoine an-diugh cò an ceannard a th’ aca, ach ‘s iomadh neach, gu sònraichte ann an Ameireaga, Canada, Astràilia is Seallainn Nuadh, aig a bheil ùidh ann an sinnsireachd. Tha seo air ath-bheothachadh a thoirt do iomadh cinneadh le comainn a’ cuir ath-choinneachaidhean air dòigh gus buill a thoirt còmhla anns an dachaigh aca.

Tha am beachd gur e teaghlach mòr a th’ ann an cinneadh fhathast buintainneach, agus nuair a tha neach-tadhail a’ lorg a shinnsearachd tha deagh theans ann gur ann on sgìre far an robh an cinneadh làidir a thàinig iad. Chan e sloinntearachd a th’ ann – cò a chreideadh gu bheil càirdeas eadar a h-uile MacLeòid? – ach ‘s e rudeigin a th’ ann gur e Leòdhas is Na Hearadh an t-àite às an tàinig an sloinneadh.

‘S dòcha gum feuch neach-tadhail ri fìor shloinntearachd a stèidheachadh, is mar sin eachdraidh is dachaigh theaghlaich a lorg, ma tha e a’ faireachdainn gu bheil e na phàirt de chinneadh.

tuilleadh...
Cinnidhean Innse GallCinnidhean Innse GallCinnidhean Innse Gall
Na Priomh ChinnidheanNa Priomh ChinnidheanNa Priomh Chinnidhean

 

Dachaidh | An Cànan | Cèol | Caithe Beatha | Clamhnas | Na h-Eileanan | An Arainneachd | Cuirean Seachad

© 2005 Visit Hebrides. Please read our Terms & Conditions. Site by ReefNet

Visit Scotland part financed by the European UnionWestern Isles Council