An Arainneachd
Tha an dealbh-tìre ann an Eileanan Siar na h-Alba cho eadar-mheasgte ri dealbh-tìre sam bith san Roinn Eòrpa, cha mhòr, is tha a chudrom air aithneachadh air feadh an t-saoghail. Ged is e sgìre gu math beag a th’ ann, tha iomadh diofar àrainn ann, is mar thoradh tha measgachadh mòr de fhlùraichean is fiadh-bheatha ri lorg.
‘ S e na h-Eileanan Siar fear de na fàsaich mu dheireadh ann am Breatainn, is mar sin tha e cudromach a thaobh glèidhteachas. Tha Làrach Dualchais an t-Saoghail, 53 Làrach Annasach a thaobh Eòlaidheachd, trì Sgìrean Thaitneach Nàiseanta, ceithir Tèarmainn-nàdair Nàiseanta agus iomadh làrach shònraichte eile anns na h-eileanan.
Tha an iomadachd seo a’ toirt bòidhchead iongantach do na h-Eileanan Siar. Tha an earrann seo de Fhiadh-bheatha na h-Eileanan a’ toirt fiosrachadh mu na diofar àrainnean anns na h-eileanan an-diugh. Brùth air clàr na h-àrainnean air an taobh dheas airson tuilleadh fiosrachaidh…
|