An Arainneachd
An Costa
Tha dà sheòrsa sealladh eadar-dhealaichte air costa na h-Eileanan Siar. Air a’ chosta an iar gu sònraichte, tha am fearann ag èirigh gu socair, a’ cruthachadh bhàghan eu-domhainn is eileanan beaga.
Tha iomadh bàgh làn de ghainmheach mhìn, gheal, air a chruthachadh le tuinn a’ Chuain Shiar. Tha sligean-mhara pailte anns a’ ghainmheach seo – am pailteas as àirde ann an Alba. ‘S ann air sgàth seo a tha a’ ghainmheach cho geal.
Tha na mìltean mòra de chreagan-mhara chasa ann an àitean eile, agus tha làr na mara a’ tuiteam air falbh gu cas, a’ fàgail uisge domhainn dha-rìreabh faisg air a’ chladach. Tha caolasan air a chruthachadh le fjord agus na creagan-mhara as cas ann am Breatainn anns na h-àitean seo.
B’ e tachartas mòr clach-eòlasach, làr na mara tuiteam, a chuidich gus an Cuan Sgìth a chruthachadh. On adhar gu sònraichte, tha na h-Eileanan Siar a’ coimhead mar dealbh-tìre air a bhàthadh, nach eil anns na h-eileanan ach mullaich chnuic, air dhol fodha le uisge on linn na deighe mu dheireadh.
Tha na beathaichean is eòin mun chosta a cheart cho iomadach is inntinneach: tha an dùbhlachd àireamh as àirde de bhèistean-dhubha ann an iar-thuath na Roinn Eòrpa anns a’ Chuan Sgìth, is tha iad ri fhaicinn a’ snàmh am measg an fheamainn no a’ sreap air na creagan gu math tric.
|