Wildlife Hebrides - experience the difference visithebrides.comvisit hebridesroots hebrideswalk hebrideswildlife hebridesoutdoor hebridesgolf hebridescycle hebridesculture hebridesfish hebridesfilm hebrides
Dachaidh (Home)
An Cànan (Language)
Cèol (Music)
Caithe Beatha (Way of Life)
Clamhnas (Clans)
Na h-Eileanan (The Islands)
An Arainneachd (Environment)
Cuirean Seachad (Activities)
join our mailing list
Visit Hebrides
Wildlife Hebrides      
Luskentyre in bloom

An Arainneachd

Machair

‘S e fearann mòr, ìosal, torrach a th’ ann am machair. Tha faisg air an dara leth de mhachair na h-Alba anns na h-Eileanan Siar, agus ‘s e fear de na h-àrainnean nàdarra as gann san Roinn Eòrpa.

Tha machair cho cudromach a thaobh eag-eòlas is glèidhteachas is gu bheil e a-nis na fhacal shaidheansail. Tha mìneachadh eadar-dhealaichte aig diofar ùghdarrasan air machair: dùn gainmhich a tha na ionaltradh air le àiteachadh ionadail a th’ air atharrachadh le gaoth is uisg; no an siostam gu lèir, on chladach gu far a bheil a’ ghainmheach a’ dol dhan mhòinteach a-staigh san tìr.

Tha sìtheanan ‘brat-ùrlair’ tearca, mar Irish Lady’s Tresses, Bog-a’-mhònaidh agus Yellow Rattle air a’ machair. ‘S e machair na h-Eileanan Siar an t-àite mu dheireadh far a bheil an traon fhathast pailt. Tha gealan-beinne, gille-feadaig, glùineach mhòr agus trilleachan-tràghad soirbheachail air a’ mhachair: tha tuilleadh air 17,000 paidhir eun-grunnachaidh air machair Uibhist is Bharraigh a-mhàin – ‘s e a’ churracag as pailt.

Tha mòran slige ann an gainmheach a’ mhachair, suas ri 80 no 90%, is tha e ann an iar-thuath Bhreatainn agus Èirinn a-mhàin. Anns na h-Eileanan Siar, ‘s ann air a’ chosta an iar a tha e an còmhnaidh, gu sònraichte ann an Uibhist, Barraigh is Ceann a Deas na Hearadh.

Rinn Uilleam MacGilleBhràth, an t-eun eòlaiche ainmeil, iomradh breagh air na tha a’ cruthachadh a’ mhachair (1830):

"..the fragments of the shells of molluscous. are rolled by the waves towards the shore, where they are further broken down..The wind then blows them beyond the watermark, where, in the presence of time, hillocks are formed. These hillocks are occasionally broken by the winds and blown inland, covering the fields and pastures…”"

Tha feur muirineach a’ crudhachadh na gainmhich shiubhlach, a’ cuideachadh le le fàs an ùir nas fhaide air ais anns na dùin.

Tha cunnart bleithidh nas àirde na bha e a riamh le na cuain ag èirigh, barrachd stoirmean sa Chuan Siar agus cladaich air an cleachdadh airson spòrs. Tha Urras Nàdarra na h-Alba ag obair gus dèanamh cinnteach gu bheil na machairean air an cleachdadh ann an dòigh freagarrach gus an dìon. Fàg do chàr air falbh o na dùin agus fuirich air falbh on aghaidh aca agus bidh thu a’ cuideachadh gus an dìon.

tuilleadh...
An ArainneachdAn ArainneachdAn Arainneachd
Am MuirAm MuirAm Muir
An CostaAn CostaAn Costa
MachairMachairMachair
LochanLochanLochan
MòinteachMòinteachMòinteach
BràigheBràigheBràighe
Eileanan BeagaEileanan BeagaEileanan Beaga

 

Dachaidh | An Cànan | Cèol | Caithe Beatha | Clamhnas | Na h-Eileanan | An Arainneachd | Cuirean Seachad

© 2005 Visit Hebrides. Please read our Terms & Conditions. Site by ReefNet

Visit Scotland part financed by the European UnionWestern Isles Council