Wildlife Hebrides - experience the difference visithebrides.comvisit hebridesroots hebrideswalk hebrideswildlife hebridesoutdoor hebridesgolf hebridescycle hebridesculture hebridesfish hebridesfilm hebrides
Dachaidh (Home)
An Cànan (Language)
Cèol (Music)
Caithe Beatha (Way of Life)
Clamhnas (Clans)
Na h-Eileanan (The Islands)
An Arainneachd (Environment)
Cuirean Seachad (Activities)
join our mailing list
Visit Hebrides
Wildlife Hebrides      
Seal

An Arainneachd

Am Muir

Tha na seallaidhean mara timcheall air na h-Eileanan Siar am measg nan seallaidhean mara as bòidheach air an t-saoghail, agus chìth thu gu bheil a’ mhuir làn beatha le na diofar dathan a th’ innte.

Tha an t-uisge mu thimcheall na h-eileanan cho soilleir ri criostal, agus nuair a tha e a’ ruith suas air a’ ghainmheach gheal, tha dath gorm is tuir-ghorm a’ Charibbean aig.

Tha na suailean on Chuan Siar a’ briseadh air creagan a’ chosta fad na tìde, cha mhòr, a’ cruthachadh deagh ròd is tuinn mhòra.

‘S e an Cuan Sgìth fear de na sgìrean mhara as torrach ann am Breatainn, agus thug “BBC Wildlife Magazine” ceithir rionnagan dha airson macan-mhara fhaicinn.

Tha na beathaichean mhara timcheall air na h-eileanan fìor iongantach: tha bèistean-ghorma, ròin, cearbain agus mucan-mhara a’ sealg a’ phailteas de dh’èisg, gibearnaich is maorach ri taobh iasgairean o gach ceàrnaidh den t-saoghail.

Tha 10% de ròin cumanta na h-Alba anns an Roinn Eòrpa a’ fuireach ann an lochan mara na h-Eileanan Siar. Tha iad ri fhaicinn a’ laighe sa ghrian air creagan is tràighean na h-eileanan uile.

Le uisge glan, soilleir tha na h-Eileanan Siar ainmeil airson bradan fiadhaich a’ Chuain Shiar agus maorach ùra, a th’ air a reic air feadh an t-saoghail.

Tha cuid de na coilltean cheilp as domhainn ann am Breatainn anns na h-eileanan againn, is tha mòran fiadh-bheatha an sin cuideachd.

tuilleadh...
An ArainneachdAn ArainneachdAn Arainneachd
Am MuirAm MuirAm Muir
An CostaAn CostaAn Costa
MachairMachairMachair
LochanLochanLochan
MòinteachMòinteachMòinteach
BràigheBràigheBràighe
Eileanan BeagaEileanan BeagaEileanan Beaga

 

Dachaidh | An Cànan | Cèol | Caithe Beatha | Clamhnas | Na h-Eileanan | An Arainneachd | Cuirean Seachad

© 2005 Visit Hebrides. Please read our Terms & Conditions. Site by ReefNet

Visit Scotland part financed by the European UnionWestern Isles Council