Wildlife Hebrides - experience the difference visithebrides.comvisit hebridesroots hebrideswalk hebrideswildlife hebridesoutdoor hebridesgolf hebridescycle hebridesculture hebridesfish hebridesfilm hebrides
Dachaidh (Home)
An Cànan (Language)
Cèol (Music)
Caithe Beatha (Way of Life)
Clamhnas (Clans)
Na h-Eileanan (The Islands)
An Arainneachd (Environment)
Cuirean Seachad (Activities)
join our mailing list
Visit Hebrides
Wildlife Hebrides      
Boreray

An Arainneachd

Na h-Eileanan Beaga

Tha na ceudan de dh’eileanan beaga anns na h-Eileanan Siar; bha daoine a’ fuireach ann an iomadh fear dhiubh aig aon àm ach chaidh an trèigsinn anns an dà linn mu dheireadh, a’ fàgail bailtean is croitean bhàn. Tha cuid soirbheachail fhathast, ge-tà, air an ceangal ri na h-eileanan as motha le cabhsairean is drochaidean.

Nas fhaide air falbh, tha na h-eileanan falamh am measg nan àitean briodaidh as cudromaich airson ẹin-mara ann an iar-thuath na Roinn Ẹrpa.

Tha an aonarachd is an cruinn-ẹlas c̣mhla a’ cruthachadh deagh àite briodaidh do dh’iomadh gnè.

Tha Na h-Eileanan Sianta, Hannda, An Clèireach, na h-Eileanan Flannanach, na Monaich, Mingulaigh, Beàrnaraigh (deas air Mingulaigh), Ṛnaigh agus Sùlaisgeir am measg na pŕomh àitean briodaidh.

Tha na creagan mhara as àirde ann am Breatainn ann an Hiort, agus tha barrachd gearra-bhreac ann na a th’ ann an àite sam bith eile, an co-àiteachas as sine is as motha de fhulmairean, an co-àiteachas as motha de bhuthaidean ann am Breatann agus barrachd air millean isean uile gu lèir ann cuideachd.

Tha ṃran ṛin air cuid de na h-eileanan beaga seo cuideachd, mar Shillaigh is na Monaich, ach chan fhaighear ann fhad ‘s a thathar a’ briodadh – tha iad gu math t́reil!

A thuilleadh air a bhith pŕseil a thaobh fiadh-bheatha, tha na h-eileanan beaga seo a’ toirt cothrom do neach fhaighinn air falbh gu tur on t-saoghal air fad. Tha Tarasaigh, ann an Caolas na Hearadh, na deagh eisimpleir air seo. Thàinig i gu bhith ainmeil air sgàth ‘Castaway 2000’ aig a’ BhBC, agus ged nach eil duine a’ fuireach ann, gheibh luchd-turais air fuireach ann ann an taigh air a leasachadh a dh’aon ghnothaich – abair cothrom fhaighinn air falbh on h-uile dad!

tuilleadh...
An ArainneachdAn ArainneachdAn Arainneachd
Am MuirAm MuirAm Muir
An CostaAn CostaAn Costa
MachairMachairMachair
LochanLochanLochan
ṂinteachṂinteachṂinteach
BràigheBràigheBràighe
Eileanan BeagaEileanan BeagaEileanan Beaga

 

Dachaidh | An Cànan | Cèol | Caithe Beatha | Clamhnas | Na h-Eileanan | An Arainneachd | Cuirean Seachad

© 2005 Visit Hebrides. Please read our Terms & Conditions. Site by ReefNet

Visit Scotland part financed by the European UnionWestern Isles Council