Wildlife Hebrides - experience the difference visithebrides.comvisit hebridesroots hebrideswalk hebrideswildlife hebridesoutdoor hebridesgolf hebridescycle hebridesculture hebridesfish hebridesfilm hebrides
Dachaidh (Home)
An Cànan (Language)
Cèol (Music)
Caithe Beatha (Way of Life)
Clamhnas (Clans)
Na h-Eileanan (The Islands)
An Arainneachd (Environment)
Cuirean Seachad (Activities)
join our mailing list
Visit Hebrides
Wildlife Hebrides      
Peats

An Arainneachd

Mòinteach

Tha mòran de na h-Eileanan Siar air an còmhdach le mòine, ùir dhorch, fhreumhagach air a dhèanamh le lusan marbha. Tha i an còmhnaidh a’ cruthachadh craiceann thar chnuic is chreagan, is tha i ri lorg gu domhainn ann an lagan.

Tha fear de na sgìrean de bhoglach ‘blanket’ as motha ann am Breatainn ann an Leòdhas. Tha siostam drèanaidh sònraichte aig boglach ‘blanket’, le lòin eu-domhainn am measg cnuic de fhàs-bheatha thiorram. Nuair a tha barrachd uisge ann na tha bùrn air a dhrèanadh, tha an ùir a’ fàs làn uisge. Nuair a tha inbhe searbhag àrd chan eil na lusan a’ lobhadh.

Tha iomadh lus is beathach air atharrachadh gus a bhith beò san àrainneachd seo, ge-ta. Tha sìtheanan mhòinteach mar cainneachan, lus na fearnaich (a bhios ag ithe na biastagan), lus a’ chrodain, lus-fèidh agus lus nan laogh ann, còmhla ri fraoch an ruinnse, còinneachan is seileasdair a tha nas cumanta.

‘S e fraoch an rìgh air an dealbh-tìre seo, agus tha seallaidhean bòidheach de phurpaidh, pinc is gorm air feadh na mòintich moch san t-samhraidh.

Tha muinntir na h-Eileanan Siar air mòine a chleachdadh thar na linntean. Thathar a’ buain na mòna san earrach, an còmhnaidh aig toiseach a’ Chèitein, gus a thiorramachadh nuair a tha an aimsir blàth.

Nuair a tha a’ mhòine tiorram tha i air a cruinneachadh is a thoirt dhachaigh, far a bheil i air losgadh mar chonnadh, is abair gu bheil fàladh àlainn an sin. Tha muinntir a’ bhaile an sàs ann a bhith a’ toirt mòine a chèile dhachaigh is cruachan-mhòna a thogail. Ged a tha a’ mhòr-chuid a’ cleachdadh gual is ola an-diugh, tha feadhainn a’ buain na mòna fhathast, agus ‘s dòcha gu faigh thu fhèin air fheuchainn! Ann an Uibhist a Tuath, tha cuairt bhuain na mòna aig a’ Mhaor-dùthcha, far an tèid do thoirt a-mach gu poll-mòna is thèid sgeulachdan mu mar a bhiodh na croitearan a’ cruinneachadh gus a’ mhòine a bhuan innse, agus gheibh thu a-mach mu fhiadh-bheatha is na lusan inntinneach air a’ mhòintich.

tuilleadh...
An ArainneachdAn ArainneachdAn Arainneachd
Am MuirAm MuirAm Muir
An CostaAn CostaAn Costa
MachairMachairMachair
LochanLochanLochan
MòinteachMòinteachMòinteach
BràigheBràigheBràighe
Eileanan BeagaEileanan BeagaEileanan Beaga

 

Dachaidh | An Cànan | Cèol | Caithe Beatha | Clamhnas | Na h-Eileanan | An Arainneachd | Cuirean Seachad

© 2005 Visit Hebrides. Please read our Terms & Conditions. Site by ReefNet

Visit Scotland part financed by the European UnionWestern Isles Council