An Arainneachd
Bràighe
Tha na h-Eileanan Siar air an cruthachadh leis a’ chreag fhosgailte as sine san t-saoghal, Creag Lẹdhasach. ‘S e creag ghlas le bannan garbha de mhèinnirean geala is dorcha air an cruthachadh le cudthrom o ghluasad na cruinne a th’ ann.
Chaidh na creagan shńomhte seo an cruthachadh o chionn 3,000 millean bliadhna, nuair a dhealbh muklach-deighe beanntan biorrach is glinn Na Hearadh is pàirtean de Lẹdhas is Uibhist.
Anns Na Hearadh, tha a’ chreag ri fhaicinn ann an iomadh àite, le ulbhagan sgapte air feadh an àite, a’ cruthachadh dealbh-t́re mar a’ gheallaich, air a bheil ‘moonscape’ an c̣mhnaidh.
‘S e an Cliseam, aig 799m anns Na Hearadh, an cnoc as àirde anns na h-Eileanan Siar: gheibhear sealladh iongantach de na h-eileanan gu lèir, agus a-mach gu Hiort, on mhullach air là shoilleir.
Tha cearcan-fhraoich, iolairean-bhuidhe, fèidh, rabaidean is caoraich dhubha-cheannach pailt air cnuic na h-Eileanan Siar.
|