Outdoor Hebrides - experience the difference visithebrides.comvisit hebridesroots hebrideswalk hebrideswildlife hebridesoutdoor hebridesgolf hebridescycle hebridesculture hebridesfish hebridesfilm hebrides
Dachaidh (Home)
An Cànan (Language)
Cèol (Music)
Caithe Beatha (Way of Life)
Clamhnas (Clans)
Na h-Eileanan (The Islands)
An Arainneachd (Environment)
Cuirean Seachad (Activities)
join our mailing list
Culture Hebrides
Visit Hebrides      
MacNeil Crest

10 Nithean Is Dòcha Nach Robh Fhios Agad Mun Ghàidhlig

  1. Tha mu 70,000 den chòig millean duine ann an Alba a’ bruidhinn Gàidhlig, beagan a bharrachd air aon chiadad den t-sluagh.

  2. A rèir cunntas-sluaigh 1991, bha faisg air 70% den t-sluaigh ann an sgìre na h-Eileanan Siar a’ bruidhinn Gàidhlig. Tha seo fada nas àirde na sgìre sam bith eile san rìoghachd airson luchd-labhairt na Gàidhlig. Tha Gàidhlig air a bruidhinn le iomadh neach anns a’ Ghàidhealtachd is Srath Chluaidh cuideachd: tha mu 10% de luchd-labhairt na Gàidhlig air fad ann an Glaschu, agus tha àireamhan nas lugha, ach fhathast gu math mòr, ann an Dùn Èideann agus Inbhir Nis. Gheibhear tuilleadh fiosrachadh aig
    www.cne-siar.gov.uk/w-isles/factfile/gaelic.htm

  3. B’ e luchd-tìreachaidh às Èirinn a thug a’ Ghàidhlig a dh’Alba faisg air deireadh Ìompaireachd an Ròimh ann am Breatainn. Ro 500 AD, bha na Gàidheil air Rìoghachd Dhàl Riata a shuidheachadh. Bha e stèidhichte ann an Earra-ghàidheal, ann an iar-dheas na h-Alba.

  4. B’ e na ‘Scotti’ a bh’ aig sgrìobhadairean an Ròimh air na Gàidheil – bha ‘Scotia’ a’ ciallachadh Èirinn aig an àm – ged nach urrainn a bhith cinnteach gu bheil tùs Gàidhlig aca. ‘S ann on Laideann seo a thàinig ‘Scotland’, ach ‘s ann o Ghàidhlig na h-Èirinn a thàinig ‘Alba’, mar ‘Alban’ sa Chuimris.

  5. Seallaidh sgrùdadh ainmean-àite san Innse Ghall gu bheil ainmean nam bailtean as motha air a’ chosta a’ tighinn on Lochlannais, ach gu bheil ainmean a’ mhòr-chuid de na bailtean as lugha a-staigh san tìr agus de na feartan-tìre air an t-ainm Gàidhlig a ghlèidheil, no co-dhiù gu bheil dreach na Gàidhlig air ainm Lochlannach. Cha robh an t-uamhas buaidh aig na Lochlannaich air a’ Ghàidhlig a bhathar a’ bruidhinn ann an Alba.

  6. Gu traidiseanta, bha na daoine Ceilteach a’ cumail an cultar beò tro beul-aithris. Bha an t-seann chreideamh a’ cuir casg orra an eòlas aca a sgrìobhadh.

  7. Chaidh iomadh shaighdear Albannach a chall anns an dà Chogadh Mhòr, is bha iomadh eilean is gleann falamh mar thoradh. Thug seo agus structairean eaconomach doirbh air a chuir an sàs le riaghaltas neo-fhaireachail, fad air falbh air iomadh choimhearsnachd sa Ghàidhealtachd crìonadh. Ann an 1961, cha robh ach 80,978, no 1.66%, de mhuinntir na h-Alba ag ràdh gun robh iad a’ bruidhinn na Gàidhlig.

  8. Anns na 1980an is 1990an, bhe beagan ath-bheothachadh aig a’ Ghàidhlig. Thathar air a bhith a’ brosnachadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, mar a thathar ann an dùthchanan Cheilteach eile, on sgoil àraich chun àrd-sgoil, is chaidh Comann nan Sgoiltean Àraich a stèidheachadh ann an 1982 gus seo a dhèanamh. Tha tuilleadh air 75 sgoil den t-seòrsa ann an Alba an-dràsta, an dèidh tòiseachadh le ceithir. Tha seo a’ dol làmh ri làmh le àrdachadh ann an Ionadan Ghàidhlig ann an sgoiltean air feadh Alba. Dh’fhosgail a’ chiad ionad ann an Inbhir Nis ann an 1988 agus tha tuilleadh air 50 ionad, còmhla ri cròileagain, ann am bailtean-mòra na h-Alba an-diugh.

  9. Tha ainmean uamhasach cudromach anns gach coimhearsnachd thraidiseanta. Aithnichear Gàidheal le a shloinneadh, a shinnsearan (an còmhnaidh taobh an athair) agus a bhaile. ‘S e a’ chiad dà cheist a chuireas Gàidheal air srainnsear aig a bheil Gàidhlig an còmhnaidh ‘Cò leis thu?’ agus ‘Cò às a tha thu?’, a’ ciallachadh càite an deach a bhreith is a thogail.

  10. Tha òrain Gàidhlig ann airson a h-uile seòrsa obair is tachartas sa choimhearsnachd (cuid dhiubh nach eil ann an-diugh): a’ buain, a’ cuir, a’ bleoghainn na bà, a’ luadhadh aodach, a’ slànachadh, cogadh, a’ caoidh na mairbh, a’ moladh dhaoine, is mar sin air adhart. Bha riochd ionnsramaid air a dhèanamh airson gach fear dhiubh cuideachd.

Tachartasan
Fèisean
Fèisean anns na h-Eileanan 2007...
Tachartasan
Taigh Chearsabhadh
Tachartasan aig Taigh Chearsabhadh...
Tachartasan
An Lanntair
Tachartasan anns An Lanntair...

 

Dachaidh | An Cànan | Cèol | Caithe Beatha | Clamhnas | Na h-Eileanan | An Arainneachd | Cuirean Seachad

© 2005 Visit Hebrides. Please read our Terms & Conditions. Site by ReefNet

Visit Scotland part financed by the European UnionWestern Isles Council