Outdoor Hebrides - experience the difference visithebrides.comvisit hebridesroots hebrideswalk hebrideswildlife hebridesoutdoor hebridesgolf hebridescycle hebridesculture hebridesfish hebridesfilm hebrides
Dachaidh (Home)
An Cànan (Language)
Cèol (Music)
Caithe Beatha (Way of Life)
Clamhnas (Clans)
Na h-Eileanan (The Islands)
An Arainneachd (Environment)
Cuirean Seachad (Activities)
join our mailing list
Culture Hebrides
Visit Hebrides      
Rodel Church

An Eaglais

Tha an eaglais air pàirt chudromach a chluich ann an eachdraidh is beatha na h-Eileanan Siar o shean. Thòisich cuid de na ciad miseanaraidhean Crìosdail an obair ann an Alba anns na h-Eileanan Siar, a’ sgaoileadh às Ì, far an robh Calum Cille stèidhichte, agus a’ stèidheachadh ionadan ùra air feadh na costa is anns na h-eileanan. Bha iad an còmhnaidh air an togail air seann làraich dheas-ghnàthach Chrìosdail. Bha na daoine naomha seo uamhasach practaigeach, sgileil ann an àiteachas, togail is foghlam, agus cha robh iad uile neo-phàirteach ann an connsachaidhean phoilitigeach is cogaidhean ionadail na h-àma. Bha na ballachan mòra mu chuid de na làraich chràbhail as motha air an cleachdadh gus daoine is beairteas a dhìon o chreachadairean, ged nach robh spèis aig a h-uile duine a dhaibh.

Nuair a chaidh na Caitligich a bha a’ toirt taic don Phrionnsa Teàrlach Eideard Stiùbhart a ruaig, thàinig strì chràbhail is phoilitigeach na h-Alba, a bha a’ dol o àm an Ath-leasachaidh, gu crìoch, agus chan eil làmh an uachdar air a bhith aig an eaglais Chaitligeach anns A’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan o sin. Tha sgìrean mar Uibhist a Deas is Barraigh fhathast Caitligeach, ach tha an creideamh Pròsdanach làidir ann an Leòdhas, Na Hearadh is Uibhist a Tuath. Anns gach suidheachadh, ge-ta, tha creideamh air ceanglaichean sòisealta is cultaral làidir a chruthachadh thar na linntean air feadh na h-Eileanan Siar, ann an seinn cheòlmhor nan coithionalan Pròsdanach no ann an seann cheòl na h-eaglaisean Chaitligeach o roimh ‘n Ath-leasachadh, mar eisimpleir.

tuilleadh...
Sluagh Innse GallSluagh Innse GallSluagh Innse Gall
FoghlamFoghlamFoghlam
CroitearachdCroitearachdCroitearachd
Cinnidhean agus DàimhCinnidhean agus DàimhCinnidhean agus Dàimh
An EaglaisAn EaglaisAn Eaglais

 

Dachaidh | An Cànan | Cèol | Caithe Beatha | Clamhnas | Na h-Eileanan | An Arainneachd | Cuirean Seachad

© 2005 Visit Hebrides. Please read our Terms & Conditions. Site by ReefNet

Visit Scotland part financed by the European UnionWestern Isles Council