Cinnidhean agus Dàimh
Anns a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan, tha na ceangalan teaghlaich làidir agus mar a tha iad seo ceangailte ri àitean sònraichte air fear de na beagan fhacail Beurla a thàinig dìreach on Ghàidhlig a chruthachadh – ‘clan’ (o ‘clann’). Bha duilgheadasan tìreil agus na linntean de chogaidhean eadar na cinnidhean a’ ciallachadh gun robh na daoine an eisimeil air ceangalan breith is pòsaidh airson ùghdarras, seach nach robh ùghdarras coitcheann làidir ann.
Dh’fhaodadh fir sam bith a bha dlùth san teaghlach ris a’ cheannard a leantainn na cheannard. Bha seo a’ cruthachadh co-ionnanachd, gu ìre, ach ‘s iomadh ceannard a bhàsaich aig làimh oighre mar thoradh. An dèidh tuiteam Thighearnas nan Eilein, chaidh siostam nan cinnidhean a stèidheachadh nas làidire ann an ceann a tuath na h-Alba, is cha deach cuir às dheth gu an dèidh Blàr Chùil Lodair ann an 1746, le ainneart an riaghaltais an aghaidh luchd-taic nan Seumasaich
A dh’aindeoin is gu bheil iomadh duine le ceangalan ri Alba a’ fuireach thall-thairis air sgàth linntean de dh’eilthireachd shaor-thoileach is an aghaidh toil, tha iomadh sloinneadh anns na h-Eileanan Siar fhathast ceangailte ri na sgìrean chinnidh thraidiseanta. Tha Clann ‘ic Nèill ann am Barraigh, Dòmhnallaich ann an Uibhist, Clann ‘ic Leòid anns Na Hearadh, agus ann an Leòdhas tha Clann ‘ic Amhlaigh air an Taobh Siar agus na Moireasdain ann an Nis, agus ‘s iomadh neach dhiubh a b’ urrainn an teaghlach a lorg anns an sgìre aca thar na linntean. Thathar a’ bruidhinn air sloinntearachd fada nas fhasa na sin gu math tric, agus tha cudrom sòisealta is eachdraidheil aice. Chan eil mòran a’ tachairt anns a bheil ùidh aig muinntir na sgìre nuair nach fheuch cuideigin am badeigin a’ fiachainn ri ionnsachadh cò a tha an sàs le fiosrachadh fhaighinn mun teaghlach.
Airson tuilleadh mu shloinntearachd, faic www.RootsHebrides.com.
|