Outdoor Hebrides - experience the difference visithebrides.comvisit hebridesroots hebrideswalk hebrideswildlife hebridesoutdoor hebridesgolf hebridescycle hebridesculture hebridesfish hebridesfilm hebrides
Dachaidh (Home)
An Cànan (Language)
Cèol (Music)
Caithe Beatha (Way of Life)
Clamhnas (Clans)
Na h-Eileanan (The Islands)
An Arainneachd (Environment)
Cuirean Seachad (Activities)
join our mailing list
Culture Hebrides
Visit Hebrides      
Crofting © Leila Angus www.brighterstill.com

Croitearachd le Fionnlagh Macleòd

Thug na h-atharrachaidhean mòra sòisealta is eaconamach anns a’ Ghàidhealtachd is na h-Eileanan aig deireadh an 18mh linn is anns an 19mh linn buaidh mhòr air mar a chaidh fearann a chleachdadh is a rèiteachadh anns na h-Eileanan Siar. ‘S ann às an seo a thàinig croitearachd an là an-diugh.

Thàinig siostam nan cinnidhean gu crìoch ri linn cumhachd eaconomach is poilitigeach na h-uaachdarain fearainn, oir bha iad airson am fearann aca a chleachdadh gus prothaid fhaighinn dhaibh fèin. Cha robh cumhachd aig muinntir na sgìre agus chaidh an gabhail a-steach dhan siostam ùr, no air an cumail às, mar a bha seo feumail do na h-uachdarain. Ma bhathar a’ cuir feum air luchd-obrach, ann an cruthachadh ceilp no iasgach mar eisimpleir, bha na daoine bochda air an cleachdadh, agus cha mhòr an tuarastal a fhuair iad. Nuair nach robh feum sam bith orra, mar eisimpleir ann an tuathanachas chaoraich, chaidh an cuir a-mach. Dh’fhàs croitearachd às an seo.

Chaidh earrannan bheaga a dhèanamh den fhearann is chaidh an toirt do chroitearan air màl. B’ e an t-ìoranas nach robh comas sam bith aca bith-beò a dhèanamh on fhearann bheag seo oir cha robh iad mòr gu leòr agus, mar is tric, b’ e am fearann as miosa a bh’ air an toirt dhaibh – bha am fearann as fheàrr aig na caoraich.

Tràth san 18mh linn, bha na h-uachdarain fearainn air Ghalldachd air luchd-tomhais fearann fhastadh gus planaichean a dhealbh airson na h-oighreachdan a leasachadh. Ruig seo na h-Eileanan Siar mu 1800. tha ainmean mar Chapman, Bald, MacGilleRuaidh agus MacIllEathain co-cheangailte ri planaichean leasachaidh anns na h-eileanan. Tha Caird (1989) ag ràdh seo mun luchd-tomhais: 'They not only surveyed the estates and drew the plans but often wrote detailed reports making proposals for the creation of new agricultural units, paying particular attention to topography and soils, field size and design, field boundaries and type of enclosure, shelter belts and woodland blocks, location and design of farm houses and steadings and villages, and alignment of roads and construction of harbours and piers.'

Bha na sgìrean chroitearachd air an dealbh mar bhreac-dhualadh air pàipear ann an oifisean na h-oighreachd agus chaidh na planaichean seo a thoirt gu bith. B’ ann an seo a chaidh co-dhùnadh a dhèanamh mu mheud is cruth nan croitean, agus thug e buaidh air a’ cheangal eadar na bailtean agus na rathaidean a bhathar a’ togail aig an àm. ‘S ann air sgàth seo a tha na bailtean anns na h-Eileanan Siar fhathast sreathach.

Bha beathaichean nan croitearan cugallach is gun chumhachd gu poilitigeach is gu h-eaconamach. B’ ann leis an uachdaran a-mhàin a bha am fearann agus bha bailtean air an gluasad a rèir na leasachaidhean a bha an t-uachdaran a’ dèanamh. Cha robh duilgheadesan sa choimhearsnachd fad às aig àm sam bith. Bha na croitearan gu mòr an eisimeil air buntàta, agus bha buaidh mhòr aig gaiseadh a’ bhuntàta ann am meadhan an 19mh linn. Thug seo, còmhla ri cho neo-thèarainte is truagh a bha na daoine, orra a bhith mì-thoilichte anns na 1880an. Tha Cogadh nan Croitearan na phàirft chudromach de dh’eachdraidh na Gàidhealtachd is na h-Eileanan, agus chan eil uamhasach fada o chaidh càirn cuimhne a thogail, co-cheangailte ri na tachartasan seo, gu sònraichte ann an Leòdhas. Thàinig seo gu crìoch nuair a chaidh Achd nan Croitearan 1886 aontachadh, a’ toirt còir-gabhaltais agus còir a’ chroit a chumail san teaghlach o ghiinealach gu ginealach do na croitearan, agus bha màl cothromach a thoirt dhaibh. Ach cha deach fearann ùr a thoirt seachadh gus croitean ùra a chruthachadh leis an Achd: ged a chaidh croitean ùra a chruthachadh tràth san 20mh linn, ‘s fhada a bha e na chùis àmhghar nach deach croitean a thoirt do na daoine nuair a bha feum orra.

‘S e an aon shiostam a chruthaich Achd 1886 gus fearann a thoirt seachad a th’ againn an-diugh, le atharrachadh no dhà. Mar iomadh rud sa Ghàidhealtachd, tha faireachdainn ann gun tàinig croitearachd thugainn o shean. Mar rudan eile, mar an eaglais no an sgoil, tha sinn a’ smaoineachadh gun robh iad againn o shiorraidheachd. Tha na th’ air fhàgail de bhailtean mus robh croitearachd ann sàmhach, mar a tha na tobhtaichean de chaibealan bheaga ann an seann chladhan, seach nach eil ar dòigh foghlam air na sgeulachdan aca a thoirt gu aire.

An-diugh, tha daoine a’ faicinn croitearachd mar dhòigh-beatha, is chan ann a-mhàin mar dhòigh air am fearann a chleachdadh. Tha an dòigh-beatha seo – còmhla ri ceangal fìor làidir ri teaghlach agus sgìre – air sluagh gu leòr a chumail gus dòigh-beatha a bhiodh air bàsachadh às aonais a chumail beò. ‘S e dòigh-beatha a tha fìor inntinneach do neach sam bith a tha ga choinneachadh as ùr, gu sònraichte an-diugh, far a bheil àiteachas bheathaichean an eisimeil gu mòr air caoraich is ionaltradh an àite na dòighean àiteachaidh a bha cho cudromach gu mu 30 no 40 bliadhna air ais. An-diugh, tha an ‘Flymo’ air àite a’ chrainn a ghabhail agus tha tanca-ola far an robh a’ chruach-mhòna. Tha na taighean croite air gabhail ri innealan is dòighean ùra. Tha croitearachd ag atharrachadh, mar a bha i riamh, far am faicear eileamaidean den bheatha thraidiseanta tro na buaidhean on taobh a-muigh a tha ga dhèanamh cho coltach ri àite sam bith eile.

tuilleadh...
Sluagh Innse GallSluagh Innse GallSluagh Innse Gall
FoghlamFoghlamFoghlam
CroitearachdCroitearachdCroitearachd
Cinnidhean agus DàimhCinnidhean agus DàimhCinnidhean agus Dàimh
An EaglaisAn EaglaisAn Eaglais

 

Dachaidh | An Cànan | Cèol | Caithe Beatha | Clamhnas | Na h-Eileanan | An Arainneachd | Cuirean Seachad

© 2005 Visit Hebrides. Please read our Terms & Conditions. Site by ReefNet

Visit Scotland part financed by the European UnionWestern Isles Council