Outdoor Hebrides - experience the difference visithebrides.comvisit hebridesroots hebrideswalk hebrideswildlife hebridesoutdoor hebridesgolf hebridescycle hebridesculture hebridesfish hebridesfilm hebrides
Dachaidh (Home)
An Cànan (Language)
Cèol (Music)
Caithe Beatha (Way of Life)
Clamhnas (Clans)
Na h-Eileanan (The Islands)
An Arainneachd (Environment)
Cuirean Seachad (Activities)
join our mailing list
Culture Hebrides
Visit Hebrides      
Old fashioned education © Leila Angus www.brighterstill.com

Foghlam

‘S ann nuair a thàinig na miseanaraidhean Crìosdail tràtha, a bha sgileil ann an sgrìobhadh (thathar den bheachd gun deach pàirt de Leabhar Cheannanais Mhòir a sgrìobhadh ann an Ì, agus bhathar a’ siubhal eadar Ì is na h-Eileanan Siar gu tric) a chaidh foghlam a chlàradh an toiseach. Tha fios gun robh bailtean is colaistean chràbhail ann an Càrnais agus Tobh Mòr ann an Uibhist, far an robh sgoilearan à Breatainn, Èirinn is An Roinn Eòrpa a’ tadhal. Chaidh na h-ionadan foghlaim seo an trèigsinn agus cha robh iad air an cleachdadh aig àm an Ath-leasachaidh, ach bha muinntir nan eilean air ionnsachadh cho cudromach sa a bha deagh fhoghlam. Tha fios, mar eisimpleir, gun robh muinntir na sgìre gu math tric a’ bruidhinn Gàidhlig, Beurla, Laideann, Frangais is cànanan Eòrpach eile fhad ‘s a bha luchd-turais nach robh a’ bruidhinn ach Beurla a’ dèanamh dìmeas air muinntir nan eilean.

Rè iomadh ghinealach, bha mòran de na h-eileanaich a’ cleachdadh foghlam àrd-ìre gus beatha nas fheàrr fhaighinn dhaibh fèin, air falbh o na duilgheadasan eaconomach is poilitigeach a bh’ aig muinntir nan eilean. Bha seo air a dhèanamh nas dora seach nach fhaighear foghlam àrd-ìre anns na h-eileanan, is mar sin bha aig oileanaich ri dhol gu bailtean-mòra thìr-mhòir. Nuair a chrìochnaich iad is a bha teisteanas aca, ‘s ann ainneamh a bha cothrom obrach anns na h-eileanan gus an dreuchd ùr a chuir gu feum. Gu fortanach, tha seo air atharrachadh anns na bliadhnaichean mu dheireadh, agus b’ e Comhairle nan Eilean Siar a stèidheachadh ceum cudromach gus cothroman obrach sgoilearach is proifeasanta a chruthachadh, is mar sin cuid de dh’òigridh na sgìre a’ tilleadh a dh’fhuireach is a dh’obair anns na coimhearsnachdan aca fhèin. Tha colaiste a-nis ann an Steòrnabhagh, is tha leasachadh ann an foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus goireasan foghlaim nan toraidhean air adhartas ann an foghlam.

tuilleadh...
Sluagh Innse GallSluagh Innse GallSluagh Innse Gall
FoghlamFoghlamFoghlam
CroitearachdCroitearachdCroitearachd
Cinnidhean agus DàimhCinnidhean agus DàimhCinnidhean agus Dàimh
An EaglaisAn EaglaisAn Eaglais

 

Dachaidh | An Cànan | Cèol | Caithe Beatha | Clamhnas | Na h-Eileanan | An Arainneachd | Cuirean Seachad

© 2005 Visit Hebrides. Please read our Terms & Conditions. Site by ReefNet

Visit Scotland part financed by the European UnionWestern Isles Council