Visit Hebrides - experience the difference visithebrides.comvisit hebridesroots hebrideswalk hebrideswildlife hebridesoutdoor hebridesgolf hebridescycle hebridesculture hebridesfish hebridesfilm hebrides
Dachaidh (Home)
An Cànan (Language)
Cèol (Music)
Caithe Beatha (Way of Life)
Clamhnas (Clans)
Na h-Eileanan (The Islands)
An Arainneachd (Environment)
Cuirean Seachad (Activities)
join our mailing list
Visit Hebrides
Visit Hebrides      
Kisimuil Castle

Eileanan Innse Gall

Eilean Bharraigh

Seo an t-eilean is lugha agus is aonranach de na prìomh eileanan againn, ach tha e ainmeil air sgàths cho bòidheach ‘s a tha e. Chan eil Barraigh ach 5 mìltean tarsaing is 8 mìltean fada, le aon rathad a’ cuairteachadh an eilean gu lèir, ach gheibh thu rudeigin ann ge be air bith dè an ùidh a th’ agad: rothaireachd air rathaidean shàmhach, coiseachd, dualchas, fiadh-bheatha, sìtheanan is ainmhidhean. Tha barrachd air 1,000 diofar seòrsa de shìthean fiadhaich agus feadhainn de na seallaidhean as fheàrr air costa na h-Alba ann am Barraigh. Tha a’ choimhearsnachd faisg dha-rìreabh is tha na daoine dèidheil air fealla-dhà. Tha na cèilidhean is na cruinneachaidhean coimhearsnachd ainmeil, is thèid fàilte a chuir air duine sam bith. Tha Caisteal Chiosmuil, seann chathair chlann ‘ic Nèill, ann an fasgadh a’ bhàigh ann am Bàgh a’ Chaisteil, prìomh bhaile Bharraigh. Chithear bèistean-ghorma chàirdeil mu Barraigh cuideachd. Chithear gainmheach gheal eilean Bhatarsaigh, a tha ceangailte ri Barraigh le cabhsair, o Bàgh a’ Chaisteil. ‘S ann an seo a chaidh “Whisky Galore” a chlàradh ann an 1949. Tha càil-àbhachdais sònraichte an eilein agus caractar làidir na daoine fhathast beò, ach chan eil teagamh nach eil na seallaidhean a’ coimhead fada nas fheàrr nuair a tha a’ ghrian a’ deàrrsadh na tha iad air film dubh is geal!

Hiort
Eilean Leodhais
Na Hearadh
Tarasaidh
Uibhist a Tuath
Beinn a Bhaoghla
Uibhist a Deas
Eilean Bharraigh
Hiorst

 

Dachaidh | An Cànan | Cèol | Caithe Beatha | Clamhnas | Na h-Eileanan | An Arainneachd | Cuirean Seachad

© 2005 Visit Hebrides. Please read our Terms & Conditions. Site by ReefNet

Visit Scotland part financed by the European UnionWestern Isles Council