Eileanan Innse Gall
Beinn a' Bhaoghla
Tha drochaidean is cabhsairean a’ ceangal Beinn a’ Bhaoghla, eilean nan àthan, ri Uibhist a Tuath agus Uibhist a Deas. ‘S e Beinn a’ Bhaoghla ionad rianachd na h-Eileanan a Deas, le port-adhair, colaiste, raon-goilf, bùthan le biadh is tiodhlacan, taighean-òsta is cafaidhean. ‘S e an t-àite as togalaichte anns na h-eileanan, taobh a-muigh Steòrnabhagh. Ma chuireas tu ùine seachad gus an t-eilean fhaicinn, no ruith mu thimcheall ann an leth-mharathon Bheinn a’ Bhaoghla, chì thu gur e eilean fìor bhòidheach a th’ ann, le dealbh-tìre làn de dh’eileanan beaga, taighean aonranach, carraighean-cuimhne is tobhtaichean inntinneach, machairean agus bàghan mòra, eu-domhain gainmheil. Nuair a tha an solas ceart agus an t-uisge sàmhach ‘s e sealladh fìor mhìorbhaileach a th’ anns na bàghan seo.
|