Eileanan Innse Gall
Na Hearadh
Tha an t-ainm a’ tighinn on t-seann Lochlannais a’ ciallachadh ‘àite àrd’, agus tha ‘cridhe àrd nan Innse Gall’ air a thoirt air. Tha dealbhan-tìre eadar-dhealaichte air feadh an eilean. Tha a’ chosta an ear creagach, iongantach, far a bheil e duilich a chreidsinn gun robh daoine a’ dèanamh bith-beò on fhearann is on mhuir, agus tha a’ chosta an iar bòidheach ann an dòigh àbhaisteach – mìltean de thràighean bhuidhe agus machairean torach le beanntan sa chùlaibh.
Seo eilean a choimhlionas, agus a rachas thar, dòchas dhuine sam bith, le creagan, beanntan is mòinteach, croitean, lochan, faichean is tràighean ghainmheil. ‘S e creag Leòdhasaich, a’ chreag as sine san t-saoghal, a th’ ann am beanntan Na Hearadh (‘s e An Cliseam as àirde, aig 799 meatair), is tha seo a’ cruthachadh dealbh-tìre iongantach, coltach ri sealladh on gheallach. Tha caistealan ann am bàghan aonranach, iasgach bhradain is bhric mìorbhaileach, goilf agus fiù teanas anns na beanntan seo, air oir a’ Chuain Siar.
Tha blas-cainnte bòidheach, sèimh aig muinntir Na Hearadh, agus tha iomadh neach a’ smaoineachadh gur e Èireannaich a th’ annta: tha an aon sheòrsa inntinn aca a thaobh àbhachdais, aoigheachd agus dìlseachd. Tha Na Hearadh air nochdach anns na meadhanan gu math tric anns na bliadhnaichean mu dheireadh, oir bha na prògraman teilibhisean ‘Castaway 2000’ is ‘Crowdie and Cream’, a rinn a’ BhBC, agus am fiolm ‘The Rocket Post’, a nochdas a dh’aithghearr, air an clàradh ann. Gheibh thu fhèin eòlas na bhith nad ‘dhìobarach’ le fuireach air eilean Tharasaigh no tadhal air eilean Scarp. Chan eil briathran freagarrach ann a bheir iomradh air an t-sealladh thar gainmheach gheal is thuirc-ghorm Losgaintìr, a’ coimhead gu Tarasaigh. Feumaidh tu a thighinn agus fhaicinn dhut fhèin!
|