Visit Hebrides - experience the difference visithebrides.comvisit hebridesroots hebrideswalk hebrideswildlife hebridesoutdoor hebridesgolf hebridescycle hebridesculture hebridesfish hebridesfilm hebrides
Dachaidh (Home)
An Cànan (Language)
Cèol (Music)
Caithe Beatha (Way of Life)
Clamhnas (Clans)
Na h-Eileanan (The Islands)
An Arainneachd (Environment)
Cuirean Seachad (Activities)
join our mailing list
Visit Hebrides
Visit Hebrides      
Garry Beach - (c) James Smith - www.oiseval.co.uk

Eileanan Innse Gall

Eilean Leòdhais

‘S e Leòdhas an t-eilean as motha, leis an àireamh-sluaigh as motha, anns na h-Eileanan Siar, le barrachd air 6,000 neach ann an Steòrnabhagh, a’ phrìomh phort, a-mhàin. Tha e loma-làn de làraich àrseachail a tha ainmeil air feadh an t-saoghail – Tursachan Chalanais (a tha nas sine na biorramaidean na h-Èiphit), Dùn Chàrlabhaigh o linn nan Cruithnich, an taigh-muilne Lochlannach agus iomadh rud eile.

Tha An Cuan Siar a’ boillsgeadh air taobh siar na h-eileanan, far am bheil an ròd as seasmhach san Roinn Eòrpa. Tha dealbh-tìre an eilein fìor mhath airson spòrs iongantach, le creagan mhara a shreap agus bàghan is eileanan a chìth thu air bàta no curach.

Tha baile Steòrnabhaigh a’ cuir iongnadh air mòran den luchd-turais a’ chiad uair a thig iad, oir tha goireasan is gnìomhachas ris am biodh dùil ann am baile beag air tìr-mòr ann, agus beatha shòisealta bheò is inntinneach, gu sònraichte aig an deireadh-seachdain! Tha pailteas de thaighean-seinnse, taighean-bìdhe is clubaichean ann gus do chumail a’ dol, a thuilleadh air tachartasan is cèilidhean. Ann an Steòrnabhagh, tha gàraidhean a’ chaisteil làn de mòran chraobhan eadar-dhealaichte – le feadhainn annasach o dhùthchannan chèin – a chaidh a chuir le Sir Seumas MacMhathain ann am meadhan an 19mh linn. Tha seo leis a’ choimhearsnachd an-diugh. Chithear ròin anns an acarsaid, is tha deagh chothrom agad bèistean-ghorma, mucan-mhara is cearbain fhaicinn am thèid thu a-mach air a’ mhuir.

Na Hearadh
Eilean Leodhais
Na Hearadh
Tarasaidh
Uibhist a Tuath
Beinn a Bhaoghla
Uibhist a Deas
Eilean Bharraigh
Hiorst

 

Dachaidh | An Cànan | Cèol | Caithe Beatha | Clamhnas | Na h-Eileanan | An Arainneachd | Cuirean Seachad

© 2005 Visit Hebrides. Please read our Terms & Conditions. Site by ReefNet

Visit Scotland part financed by the European UnionWestern Isles Council