Visit Hebrides - experience the difference visithebrides.comvisit hebridesroots hebrideswalk hebrideswildlife hebridesoutdoor hebridesgolf hebridescycle hebridesculture hebridesfish hebridesfilm hebrides
Dachaidh (Home)
An Cànan (Language)
Cèol (Music)
Caithe Beatha (Way of Life)
Clamhnas (Clans)
Na h-Eileanan (The Islands)
An Arainneachd (Environment)
Cuirean Seachad (Activities)
join our mailing list
Visit Hebrides
Visit Hebrides      
Boat

Eileanan Innse Gall

Uist a Tuath

‘S e measgachadh àlainn de thràighean, machairean, lochan fìor-uisge agus cnuic dorcha na mòintich a th’ ann an Uibhist a Tuath. Chan eil e ach 13 mìle o cheann gu ceann, is gheibh thu timcheall an eilean ann an 45 mionaid. Air a’ chosta an iar, chithear eilean beag bòidheach Bhàlaigh. Gheibhear thig aig cridhe na tràghad agus tha taigh mòr manadaireachd air a thrèigsinn air an eilean. Tha eilean taitneach Bheàrnaraigh – an t-eilean as fheàrr leis a’ Phrionnsa Teàrlach – aig a’ cheann tuath. Tha coimhearsnachd ghnìomhach, chàirdeil an seo, agus ‘s ann ann a tha am bàt’-aiseig às Na Hearadh a’ tighinn. Tha an t-eilean an-diugh ceangailte ri Uibhist a Tuath le cabhsair.

Ma tha ùidh agad ann an eòin, feumaidh tu tadhal air Uibhist a Tuath. Tha tèarmann-nàdair Bhaile Raghnaill aig Comann Rìoghail Dìon na Eun air a’ chost an iar loma-làn de dh-eun-grunnachaidh is eun-daibhidh. Tha iomadach cothrom ann airson eòlas fhaighinn air dòigh-beatha an eilein, sgilean ùra ionnsachadh agus gus clann a chumail air an dòigh. Tha Loch nam Madadh, am baile as motha ann an Uibhist a Tuath, na gheata gu na h-Eileanan a Deas, troimh Ùige san Eilean Sgitheanach agus na dhachaigh gu Taigh Chearsabhagh, ionad ealain iongantach. Tha Uibhist a Tuath a’ coimhead mar spong mòr làn uisge on adhar, le na mìltean de lochan fìor-uisge (fìor math do dh-iasgairean, oir gheibh thu loch làn de dh’iasg fiadhaich, fallain dhut fhèin air àm sam bith). Le seallaidhean gu na h-Eileanan Monach, far a bheil mu 9,000 ròn mòr air a bhreith gach bliadhna, tha an t-eilean seo mìorbhaileach airson fiadh-beatha fhaicinn, coiseachd, curachanachd agus luingearachd.

Beinn a Bhaoghla
Eilean Leodhais
Na Hearadh
Tarasaidh
Uibhist a Tuath
Beinn a Bhaoghla
Uibhist a Deas
Eilean Bharraigh
Hiorst

 

Dachaidh | An Cànan | Cèol | Caithe Beatha | Clamhnas | Na h-Eileanan | An Arainneachd | Cuirean Seachad

© 2005 Visit Hebrides. Please read our Terms & Conditions. Site by ReefNet

Visit Scotland part financed by the European UnionWestern Isles Council