Visit Hebrides - experience the difference visithebrides.comvisit hebridesroots hebrideswalk hebrideswildlife hebridesoutdoor hebridesgolf hebridescycle hebridesculture hebridesfish hebridesfilm hebrides
Dachaidh (Home)
An Cànan (Language)
Cèol (Music)
Caithe Beatha (Way of Life)
Clamhnas (Clans)
Na h-Eileanan (The Islands)
An Arainneachd (Environment)
Cuirean Seachad (Activities)
join our mailing list
Visit Hebrides
Visit Hebrides      
© James Smith Photography - www.oiseval.co.uk

Eileanan Innse Gall

Uibhist a Deas

Tha barrachd air 20 mìle de thràighean gheala air taobh siar Uibhist a Deas. Tha am machair is na dùn-gainmhich rin taobh loma-làn de shìtheanan is fiadh-bheatha, mar traoin is bèistean dhubha. Tha taobh sear Uibhist a Deas fada is sreathach, le caolasan is bàghan. ‘S fhiach cuairt a ghabhail gu tèarmann-nàdair Loch Druidibeag air là fuair geamhraidh.

Tha Uibhist a Deas na choimhearsnachd a tha a’ dìon nithean traidiseanta. Anns an eilean chàirdeil seo, tha obair chroite mar buan na mòna, clòimh a dhathadh agus feamainn a chruinneachadh fhathast a’ dol air adhart o là gu là. Tha Uibhist a Deas agus Eilean Èirisgeigh a-nis ceangailte le cabhsair: tha an taigh-seinnse, taigh-bìdh is taigh-aoigheachd ‘Am Politician’ anmeil ann an Èirisgeigh. Tha e air ainmeachadh air a’ bhàta bathair làn uisge-beatha a chaidh fodha faisg air Èirisgeigh anns na 1940an. ‘S e seo a thug air Compton MacCoinnich “Whisky Galore” a sgrìobhadh. Tha seallaidhean agus cuairtean iongantach ann an Uibhist a Deas: ‘s dòcha gum bidh thu a’ coiseachd tro bhaile-tughaidh air a thrèigsinn aon là agus air oir na creige an ath là.

Barraigh
Eilean Leodhais
Na Hearadh
Tarasaidh
Uibhist a Tuath
Beinn a Bhaoghla
Uibhist a Deas
Eilean Bharraigh
Hiorst

 

Dachaidh | An Cànan | Cèol | Caithe Beatha | Clamhnas | Na h-Eileanan | An Arainneachd | Cuirean Seachad

© 2005 Visit Hebrides. Please read our Terms & Conditions. Site by ReefNet

Visit Scotland part financed by the European UnionWestern Isles Council