Outdoor Hebrides - experience the difference visithebrides.comvisit hebridesroots hebrideswalk hebrideswildlife hebridesoutdoor hebridesgolf hebridescycle hebridesculture hebridesfish hebridesfilm hebrides
Dachaidh (Home)
An Cànan (Language)
Cèol (Music)
Caithe Beatha (Way of Life)
Clamhnas (Clans)
Na h-Eileanan (The Islands)
An Arainneachd (Environment)
Cuirean Seachad (Activities)
join our mailing list
Culture Hebrides
Visit Hebrides      
Capercaillie© Leila Angus www.brighterstill.com

Ceòl is Tachartasan

Ceòl

Ged a tha iomadh neach-ciùil tàlantach anns na h-eileanan, ‘s ann airson seinn gun taic-ciùil (o puirt-a-beul gu òrain na h-eilthirich, làn faireachdainn) a tha na h-Eileanan Siar gu sònraichte ainmeil. Tha buaidh air a bhith aig eachdraidh is faireachdainnean na daoine air ceòl na sgìre, ann an guth bhrèagha sheinneadair aig cèilidh no ann an seinn iongantach na h-eaglaise, leis a’ choitheanal agus neach togail an fhuinn a’ sgeadachadh nòtaichean an t-sailm Ghàidhlig. Tha òrain ionadail mu àitean, daoine is tachartasan na h-eileanan cumanta agus mòr-chòrdte aig pàrtaidhean agus air prògraman rèidio.

Tha daoine measail air ceòl a’ bhogsa agus tha dòigh-cluiche sònraichte anns na h-Eileanan. Tha e gu math coltach ri ceòl ‘Cajun’ ann an Aimeireaga a Tuath mura h-eil thu uamhasach eòlach air ceòl! Tha ceòl a’ phìob cumanta cuideachd, nas cumanta na ceòl na fidhle aig an robh stoidhle Eileanach uaireigin ach a tha gu math gann an-diugh (tha ath-bheòthachadh de seòrsa air a bhith aig ann an Ceap Bhreatann, Canada). Thathar a’ cluiche ionnsramaidean eile cuideachd, gu math tric còmhla ri dannsa Albannach, agus ma tha thu fortanach is gun lorg thu oidhche dhannsa thraidiseanta ann an talla-bhaile fhad ‘s tha thu an seo, abair gu feum thu smior ma bhios tu a’ dannsa nuair a dh’fhàgas an dithis mu dheireadh an làr-dannsa!

Ma tha thu fìor fortanach, ‘s dòcha gu faic thu dannsa a tha sònraichte anns na h-Eileanan, stoidhle far a bheilear ag innse sgeulachd leis an dannsa. Chaidh a chumail beò le dealasaich aig Fèis Bharraigh (fèis ealain) agus tha luchd-dannsa anns na h-eileanan eile ga chleachdadh a-nis.

tuilleadh...
CeolCeolCeol
Fèis CheilteachFèis CheilteachFèis Cheilteach
CeolasCeolasCeolas
Am ModAm ModAm Mod
Geamannan GaidhealachGeamannan GaidhealachGeamannan Gaidhealach
An LanntairAn LanntairAn Lanntair
Taigh ChearsabhaghTaigh ChearsabhaghTaigh Chearsabhagh

 

Dachaidh | An Cànan | Cèol | Caithe Beatha | Clamhnas | Na h-Eileanan | An Arainneachd | Cuirean Seachad

© 2005 Visit Hebrides. Please read our Terms & Conditions. Site by ReefNet

Visit Scotland part financed by the European UnionWestern Isles Council