Ceòl is Tachartasan
Taigh Chearsabhagh
Tha an Taigh-tasgaidh agus Ionad Ealain seo air mòran dhuaisean a bhuanachd agus tha e gu dearbh air an oir ann an saoghal nan ealain. Tha an togalach faisg air oir na mara ann an Loch na Madadh, ann an Uibhist a tuath, na h-Eileanan an Iar, Alba
Tha Taigh Chearsabhagh a cur fàilte air mòran luchd turais gach bliadhna a tha ag iarraidh blas fhaighinn air ealain, cultur agus dualchas nan eileanan, ann an àite càirdeil a' bhrosnaicheas an ùidh a tha aca.
Tha an coimhearsnachd cudthromach dhan ionad seo agus tha e nis na àite coinneamh airson daoine ann an Uibhist a Tuath. Tha dà ghaileiridh, taigh tasgaidh, bùth obrach ealain, bùth agus cafaidh ann an Taigh Chearsabhagh.
Airson tuilleadh fiosrachadh thigeabh gun an làrach lìnn aca aig www.taigh-chearsabhagh.org.
Tha Taigh Chearsabhagh fosgailte bho 10m gu 5f, Di-Luain gu Di-Sathairne.
|