Outdoor Hebrides - experience the difference visithebrides.comvisit hebridesroots hebrideswalk hebrideswildlife hebridesoutdoor hebridesgolf hebridescycle hebridesculture hebridesfish hebridesfilm hebrides
Dachaidh (Home)
An Cànan (Language)
Cèol (Music)
Caithe Beatha (Way of Life)
Clamhnas (Clans)
Na h-Eileanan (The Islands)
An Arainneachd (Environment)
Cuirean Seachad (Activities)
join our mailing list
Culture Hebrides
Visit Hebrides      
Pub Session

Ceòl is Tachartasan

Ceolas

Gabh pàirt anns a chànan, an ceòl, an dannsa agus an àite!

'S e sgoil samhradh sonraichte a measg luchd bruidhinn Gaidhlig Uibhist a Deas a tha'nn an Ceolas. Gheibhear teagasg ceòl agus dannsa bho daoine a tha gu math fileanta anns an gnothaich a tha iad a teagasg a' toirt a steach piobaireachd, fìlearachd, seinn, reelaichean Albannach, cuadridhlean, dannsa ceum agus cànan nan Gaidheal. Tha Ceolas a' rannsachadh na ceangalaichean sonraichte eadar ceòl traidiseanta Albannach, seinn Gaidhlig agus danns', comhla ri bhi ceadachadh moran doighean le bhith cleachdadh ceilidhean agus na dachaidhean a bhrosnaich iad.

Tha clasaichean bho riochd Cheòlas air an cumail ann an Sgoil Dhalaibrog an Uibhist a Deas. Gach latha thar a' leantainn doigh obrach suidhichte. Faodar toiseachadh an latha le bhith gabhail pàirt ann an aon de na clasaichean luchd ionnsachaidh Gàidhlig neo òraid Gàidhlig dhaibhsan a tha fileanta 'sa Ghàidhlig, chaneil difir mu bha sibh a muigh aig ceilidh an oidhche roimhe gu madainn

Anns a mhòr chuid, tha teagasg a gabhail àite eadar 9.30m agus 4.30f. An deidh sin tha iomadh roghainn ann a dh'fhaodas sibh a dheanamh. Program uachdar beothail, am measg am bheil cèilidhean, conceartan baile agus dannsaichean, air an cur air chos le Ceolas. Gu h-araidh taitneach tha na 'cèilidhean-taighe' far am bith luchd teagasg, luchd ionnsachaidh agus sluagh an àite a tighinn comhladh ann an dachaidhean airson seinn, dannsa agus cluich.

Tha Ceolas air fas gu math mòr anns na bliadhnachan a tha air a dhol seachad, gu dearbh tha an aireamh air dublachadh anns na coig bliadhna mu dheireadh.

Mur a bheil thu eolach air an radh "Thig crioch air an t-saoghal ach mairidh gaol agus ceòl" bith thu gu math tuigseach air an fhìrinn aige mus bith Cèolas seachad.

Tha Ceolas a' gabhail àite anns an t-Iuchar gach bliadhna, airson tuilleadh fiosrachaidh cuireabh teachdaireachd gu info@ceolas.co.uk neo faic www.ceolas.co.uk.

tuilleadh...
CeolCeolCeol
Fèis CheilteachFèis CheilteachFèis Cheilteach
CeolasCeolasCeolas
Am ModAm ModAm Mod
Geamannan GaidhealachGeamannan GaidhealachGeamannan Gaidhealach
An LanntairAn LanntairAn Lanntair
Taigh ChearsabhaghTaigh ChearsabhaghTaigh Chearsabhagh

 

Dachaidh | An Cànan | Cèol | Caithe Beatha | Clamhnas | Na h-Eileanan | An Arainneachd | Cuirean Seachad

© 2005 Visit Hebrides. Please read our Terms & Conditions. Site by ReefNet

Visit Scotland part financed by the European UnionWestern Isles Council