Ceòl is Tachartasan
Fèis Cheilteach Innse Gall
Traighean òr, tuirseachan, an aitearachd, beanntan agus….ceòl – cuid dhan a cheòl as fhearr a chual thu riamh.
Bho thòisich Fèis Cheilteach Innse Gall ann an 1995, tha an cruinneachadh beothail agus farsaing seo air fas gu bhi na aon de na fèisean as tarraingeach ann a miosachan nan ceòl Ceilteach.
A’ gabhail aite anns an t-Iuchar gach bliadhna, tha an Fhèis air a chumail ann an teanta mòr, a tha comasach air coig mìle duine a chumail, air beulabh Caisteal Leodhais ann an Stèornabhagh.
Am measg na h-ainmean mòra eile a tha air a’ bhith cluich aig an Fhèis, tha Runrig, Capercaillie agus La Bottine Souriante, cèol traidiseanta bho Alasdair Friseail, Natalie NicA’Mhaighisteir, Sharon Shannon, Davy Spillane agus Dougie MacIlleathainn; cèol eadar naiseanta Afro Celt Sound System, Baka Beyond; lasairean ceilteach bho Martyn Bennet, Tartan Amoebas agus na Peatbog Faeries, comhla ri cuid dha na h-ainmean as iomraiteach ann an cèol tradiseanta Gaidhlig, Cliar, Mackenzie, Maggie NicAoghnais, Alyth NicCarmaig agus Anna Moireach.
Eadar àite neo shamhlaichte, fàilte cridheal eileanach agus luchd suibhail eudmhor, tha an fhèis seo tarraingeach do chomhlan. An deidh dha Afro Celt Sound System a bhi aig air na h-eileanan ann an 2001, cheangal iad ris an fhàilte bhlath a fhuair iad bhon an àite ‘s gun do gheall iad tilleadh. Fhuair na Barra MacNeils à Cape Bhreatainn agus Slàinte Mhath iad fhèin gu math aig an taigh agus cha b’urrainn La Bottine Souriante à Quebec duilteadh a’ thighinn a rithist – mar a thuirt fear aca, Yves Lambert, 'Ah... the castle, the tent, the people!'
Air taobh a muigh na teanta, tha moran eile de thachartasan a’ gabhail aite feadh nan Eileanan, a’ sàsachadh blasda cèol agus eile. Gheibhear bùthan air an cumail le luchd cluich na Fèis comhla ri comhraidhean agus cuirean seachad chloinne. Bithear cuideachd a’ cumail ‘sessions’ ann an cuid de na taighean osda ann a Steòrnabhadh agus na tuathan, agus tha seo a’ toirt blasda nas motha dhan a cheòl agus an aite ‘sa bheil an Fhèis air a’ chumail
Le luchd-suibhal a’ tighinn bho iomadach pàirt de’n t-saoghal, tha Fèis Cheilteach Innse Gall, chan e mhàin na chur seachad as motha ann a miosachan na h-Eileanan – tha ainm eadar naiseanta sonraichte aige, tha e cluich pàirt mòr ann an dion agus misneachadh fàs ann an cultair beartach ceòl Ceilteach a tha na ionmhas ann am baile eadar naiseanta.
Thig thugam, thig comh’ leum a nall, gus an cluinn sinn ann cànan nan Gaidheal….. Airson tuilleadh fiosrachaidh agus ticeadan bual air làrach linn Fèis Cheilteach Innse Gall...
|