Ceòl is Tachartasan
Mod nan Eilean Siar 2005
Is e Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a' phrìomh fhèis Ghàidhlig agus tha e air a chumail gach bliadhna san Dàmhair ann an ionad eadar-dhealaichte an Alba. Is e fèis stèidhichte air co-fharpaisean a tha sa Mhòd a tha a' dèanamh subhachas air cànan agus air cultar na Gàidhlig tro sheinn aon-neach, tro cheòl chòisirean agus innealan-ciùil, tro bhàrdachd, tro ealain, tro sgeulachdan agus tro dhràma, a' tàladh cho-fharpaisich agus luchd-tadhail bho cho fad' air falbh ri Canada agus Astràilia.
Chaidh Am Mòd Nàiseanta Rìoghail a stèidheachadh ann an 1999 airson uallach a ghabhail airson gach nì co-cheangailte ris a' Mhòd, a leithid rianachd, togail airgid agus urrasachd. Is e Banca Rìoghail na h-Alba prìomh urrasair a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail agus am measg urrasairean eile tha Crùdairean Tennent Caledonian agus Dualchas Nàdarra na h-Alba.
Am bliadhna, bi am Mòd a gabhail àite anns na h-Eileanan Siar. Airson barrachd fiosrachadh thig chun a làrach lìn aca aig www.modnaneileansiar.co.uk.
|